sci.anthropology.paleo
[Top] [All Lists]

Re: Prescott Anthropologist Details Earliest Americans - TROLL ALERT!

Subject: Re: Prescott Anthropologist Details Earliest Americans - TROLL ALERT!
From: "RadgeGadge"
Date: 9 Dec 2005 19:02:37 -0800
Newsgroups: sci.anthropology.paleo, alt.usenet.kooks, alt.revenge, alt.religion.asatru, rec.ponds
Dr Livingstone wrote:
0900 09 Dùbhlachd 2005
 Cruth anns am faodar a chlò-bhualadh

Tha Coimiseanair Fiosrachaidh na h-Alba air iarraidh air an NHS
àireamhan fhoillseachadh airson gach lannsair ann an Alba, a
dh'innseas cia mheud de na h-euslaintich aca a chaochail fhad 's a bha
obair lannsa ga dèanamh orra.

Tha Coimiseanair Fiosrachaidh na h-Alba air iarraidh air an NHS
àireamhan fhoillseachadh airson gach lannsair ann an Alba, a
dh'innseas cia mheud de na h-euslaintich aca a chaochail fhad 's a bha
obair lannsa ga dèanamh orra. Gu ruige seo tha seirbheis na slàinte
air an fhiosrachadh seo a chumail air ais, 's iad ag ràdh gun toireadh
na h-àireamhan dealbh mì-chothromach do dhaoine, oir gur iad na
lannsairean as fheàrr a bhios a' dèiligeadh ris na cùisean as
duilghe.
Ach tha an Coimiseanair, Caoimhin Dunion, ag ràdh nach e fiosrachadh
teicnigeach a th' ann agus gum bi e furasta gu leòr do dhaoine a
thuigsinn.

Iarraidh Cathraiche Còmhdhail Chomhairle nan Eilean Siar gun tèid
rannsachadh a dhèanamh air seirbheis aiseig Sàbaid a stèidheachadh
eadar Uibhist agus Na Hearadh.

Iarraidh Cathraiche Còmhdhail Chomhairle nan Eilean Siar gun tèid
rannsachadh a dhèanamh air seirbheis aiseig Sàbaid a stèidheachadh
eadar Uibhist agus Na Hearadh. Tha Dòmhnall Manford air an cuspair a
chur air a' chlàr-ghnothaich son na h-ath choinneimh de Roinn
Chòmhdhail na Comhairle, 's e ag ràdh gum bu chòir deasbad a
dhèanamh
air am bu chòir dhan aiseag, an Loch Portain, a bhith a' seòladh
seachd latha san t-seachdain.

Tha poilis air costa deas na Spàinn air seachdnar a chur an grèim fo
amharas gur e ceannaircich Mhuslamach a th' annta.
Tha poilis air costa deas na Spàinn air seachdnar a chur an grèim fo
amharas gur e ceannaircich Mhuslamach a th' annta. Chaidh sgrùdadh a
dhèanamh a-raoir air flataichean ann am Malaga, Torremolinos agus
Marbella . Tha na prìosanaich fo amharas gun robh iad a' cumail
airgead ri buidhnean ceannairc.

Chaidh pàiste a mharbhadh le itealan a bha a' feuchainn ri laighe ann
a Chicago a-raoir.

Chaidh pàiste a mharbhadh le itealan luchd-siubhail a bha a' feuchainn
ri laighe ann a Chicago a-raoir. Chaidh an t-itealan Boeing 737 far an
raoin-laighe agus tro fheansa mus do bhuail i sa chàr anns an robh am
pàiste a' siubhal. Chaidh deichnear eile a ghoirteachadh anns an
tubaist.

Tha aon de na pàrantan, a chaidh a chur an grèim mar phàirt den
rannsachadh air drabastachd chloinne sna h-Eileanan Siar, ag ràdh gu
feum a' chuis a dhol gu lagh.

Tha aon de na pàrantan, a chaidh a chur an grèim mar phàirt den
rannsachadh air drabastachd chloinne sna h-Eileanan Siar, ag ràdh gu
feum a' chuis a dhol gu lagh. Tha Penny Chaimbeul ag ràdh gur e sin an
aon dòigh anns an tèid sgrùdadh a dhèanamh air dol a-mach
neo-chomasach aig na poilis, an luchd obrach sòisealta agus na
buidhnean eile a bha an sàs anns a' chùis.

Thig co-labhairt nan Dùthchannan Aonaichte air blàthachadh na cruinne
gu crìch ann am Montreal an-diugh

Thig co-labhairt nan Dùthchannan Aonaichte air blàthachadh na cruinne
gu crìch ann am Montreal an-diugh. Chan eil dad a choltas ann gun
tèid
aontadh sam bith a ruighinn air a bhith a' cumail smachd air na
gasaichean a tha gan coireachadh airson mar a tha an t-sìde ag
atharrachadh. Tha Canada a' moladh sreath ùr de chòmhraidhean, ach
tha
e air aithris gu bheil na h-Ameireaganaich a' diùltadh a dhol an sàs
annta.

Leanaidh còmhraidhean eadar Tonaidh Blair agus ceannardan Eòrpach
eile
an-diugh, feuch thighinn gu aonta air buidseat an Aonaidh Eòrpaich.

Leanaidh còmhraidhean eadar Tonaidh Blair agus ceannardan Eòrpach
eile
an-diugh, 's iad a' feuchainn ri aontadh a ruighinn air buidseat an
Aonaidh Eòrpaich. Tha Breatainn mar-thà ag ràdh gu bheil iad
dèonach
pàirt den airgead a tha iad a' faighinn air ais bhon Aonadh Eòrpach a
leigeil seachad, ach tha na Frangaich ag ràdh nach eil seo a' dol fada
gu leòr.


<Prev in Thread] Current Thread [Next in Thread>